icon-youtube icon-flickr icon-flickrs icon-vimeo icon-twitter icon-facebook icon-instagram

Ceòl 's Craic
Gaelictronica

Sat 24 March 2018

Ceòl ’s Craic’s third annual Gaelictronica event will combine Gaelic vocal and instrumental music with cutting-edge electronica to create a unique fusion of traditional, ambient and dance sounds. This year’s event will feature interactive video installation and contemporary dance.

Lineup:

Ela Orleans, Ainsley Hamill & Alex Neilson
WHYTE & Zoe Katsilerou
Hamish Macleod, Josie Duncan & Signy Jakobsdottir

Ela Orleans, Ainsley Hamill & Alex Neilson: Award-winning electronic composer and multi-instrumentalist Ela Orleans makes a welcome return to Ceòl ’s Craic to present a specially commissioned piece entitled ‘Displaced and Adjusted’. The audio-visual performance will combine Ela’s haunting and ethereal soundscapes with archive film. Her aim is “to recreate the spirit of the past and attempt to reincarnate and adapt it to a new story based on memory, nostalgia and impression”. For this performance she will reunite with Gaelic vocalist Ainsley Hamill and for the first time work with renowned percussionist Alex Neilson of Trembling Bells.

WHYTE & Zoe Katsilerou: Following a successful run of shows at Edinburgh Festival Fringe 2017, WHYTE (Alasdair Whyte and Ross Whyte) have teamed up again with visual artist Dan Shay to produce visuals for a new selection of songs from their eagerly awaited second album. Joining them for ‘Gaelictronica’ is Zoe Katsilerou, a physical performer, vocalist and musician, originally from Greece, now based in Glasgow.

Hamish Macleod, Josie Duncan & Signy Jakobsdottir: Hamish Macleod and Josie Duncan are members of electronica outfit Inyal. This event will see the duo experiment with more ambient, loop-based material combining electronics and guitar with Gaelic vocals and clarsach. They will be collaborating with Scottish-Icelandic drummer Signy Jakobsdottir.

This event will be seated.

Doors open : 7.45pm

Bidh an treas tachartas bliadhnail de Gaelictronica aig Ceòl ’s Craic a’ cothlamadh guthan Gàidhlig agus ceòl ionnsramaideach leis an electronica as ùire gus measgachadh gun choimeas a chruthachadh de fhuaimean traidiseanta, ioma-chuairteach agus dannsa. Bidh stàlachadh bhidio eadar-obrachail agus dannsa co-aimsireil a’ nochdadh ann an tachartas na bliadhna seo.

Ela Orleans, Ainsley Hamill is Alex Neilson: Tha fàilte air ais ga chur air Ela Orleans, an sgrìobhadair ciùil eileagtronaigeach agus an cluicheadair ioma-ionnsramaideach a choisinn mòran duaisean, gu Ceòl ’s Craic agus i a’ taisbeanadh pìos air a choimiseanadh a dh’aon gnothaich leis an tiotal ‘Displaced and Adjusted’. Bidh an coileanadh claistinneach-lèirsinneach seo a’ cothlamadh raointean-fuaime drùidhteach is adharail le film às an tasglann. Is e an t-amas a th’ aice “spiorad an ama a dh’fhalbh ath-chruthachadh agus feuchainn ri ath-bheothachadh is atharrachadh gu sgeul ùr stèidhichte air cuimhne, cianalas agus drùidheadh”. Airson a’ choileanaidh seo, bidh i a’ coinneachadh a-rithist ris an t-seinneadair Ghàidhlig, Ainsley Hamill, agus airson a’ chiad uair ag obair còmhla ris an neach-faraim ainmeil, Alex Neilson bho Trembling Bells.

WHYTE is Zoe Katsilerou: A’ leantainn air sreath shoirbheachail de chuirmean-ciùil aig Froidhneas Fèis Dhùn Èideann 2017, tha WHYTE (Alasdair Whyte agus Ross Whyte) air a thighinn còmhla a-rithist leis an neach-ealain lèirsinneach Dan Shay, gus obair-lèirsinneach a thoirt gu buil airson taghadh ùr de dh’òrain bhon dàrna clàr aca ris a bheilear a’ coimhead air adhart gu mòr. Còmhla riutha airson ‘Gaelictronica’ tha Zoe Katsilerou, neach-coileanaidh fiosaigeach, seinneadair agus neach-ciùil, às a’ Ghrèig bho thùs ach a-nis stèidhichte ann an Glaschu.

Hamish Macleod, Josie Duncan is Signy Jakobsdottir: Tha Hamish Macleod agus Josie Duncan nam buill de bhuidheann electronica Inyal. Chì an tachartas seo an dithis aca a’ feuchainn a-mach stuth ioma-chuairteach is lùbach agus a’ co-mheasgachadh eileagtronaigean is giotàr le guthan Gàidhlig is clàrsach. Bidh iad a’ co-obrachadh leis an drumair Albannach-Innis-Tìleach, Signy Jakobsdottir.

Bidh an luchd-eisteachd suidhichte.

Dorsan fosgailte : 7.45f